Copy

 

Mòd Phàislig a’ foillseachadh prògram beòthail a tha ag adhartachadh Gàidhlig do na
h-uile 


Tha prògram do-chreidsinneach, fiùghantach agus in-ghabhalach de chuirmean-ciùil, tachartasan, taisbeanaidhean agus bùithtean-obrach air fhoillseachadh leis a’ Mhòd Nàiseanta Rìoghail ’s e a’ tilleadh a Phàislig eadar 13 – 21 Dàmhair 2023.

Bidh prìomh thachartas cultarach Gàidhlig na h-Alba a’ comharrachadh a’ chànain còmhla ri ceòl traidiseanta, òrain, dràma, litreachas, ealain agus spòrs na h-Alba.

Bidh na ceudan de luchd-ciùil agus luchd-ealain a’ gabhail chun an àrd-ùrlair, tallachan agus leabharlannan ann an còrr air 20 ionad-cruinneachaidh ann am Pàislig agus san sgìre mun cuairt rè an tachartais naoi làithean seo, nuair a thilleas e don bhaile ann an Siorrachd Rinn Friù airson a’ chiad uair ann an deich bliadhna.

Airson tiocaidean agus tuilleadh fiosrachaidh mu Mòd Phàislig, tadhailibh air www.modphaislig.com 

Tuilleadh an seo.


 

Paisley Mòd shares vibrant programme that promotes Gaelic for all
 


A sensational, dynamic and inclusive programme of concerts, events, exhibitions and workshops has been unveiled for the Royal National Mòd which returns to Paisley between 13 – 21 October 2023.

Scotland’s premier Gaelic cultural event will celebrate the language and Scottish traditional music, song, drama, literature, art and sport.

Hundreds of musicians and artists will take to stages, halls and libraries in over 20 venues across Paisley and its surrounding areas during the nine-day event when it returns to the Renfrewshire town for the first time in ten years.

To find out more about Mòd Phàislig events or to book tickets visit www.modphaislig.com 👈🎫

Read more here.


Chì sinn ann sibh!


Mìle taing dhan a h-uile duine a chuir iarrtas a-steach airson farpaisean aig Mòd Phàislig am bliadhna.

Chì sinn ann am Pàislig sibh! 

#modphaislig2023


 

See you there!


Thanks to all those who submitted entries for this year’s Mòd competitions.

We’ll see you all in Paisley! 

#modphaislig2023

Meal a naidheachd air Fèis ‘The Reeling’


Bu mhath leinn uile aig A’ Chomunn Gàidhealach meal a naidheachd a chur air sgioba ‘The Reeling’ airson tachartas air leth a chur air dòigh am bliadhna ann an Glaschu. 

‘B e seo a’ chiad uair a chaidh an Fhèis seo a chumail.  Thairis air an dà latha bha còmhlain a leithid Skerryvore, Peatbog Fairies, Breabach, Dàimh, Valtos, Face the West, Hò-Rò agus mòran eile rin cluinntinn air an àrd-ùrlar, le suas gu mu 8000 anns an luchd-èisteachd.  ‘B e deireadh sheachdain air leth a bh’ ann agus thathas a’ coimhead air adhart mu thràth ri Fèis 2024!
 
Bidh ‘The Reeling’ cuideachd a’ toirt thugaibh cuirm ann am Pàislig san Dàmhair, ann an co-bhonn le Mòd Phàislig, a’ toirt Mòd Nàiseanta Rìoghail Phàislig 2023 gu crìoch ann an Talla Bhaile Phàislig air Disathairne 21mh den Dàmhair.  Tha tiocaidean ri fhaotainn aig www.niteworksband.com


 

Congratulations to ‘The Reeling’ Festival


An Comunn Gàidhealach would like to congratulate the organisers of ‘The Reeling’ Festival on the success of their inaugural event, which took place earlier this month in Glasgow. 

Bands such as Skerryvore, the Peatbog Fairies, Breabach, Dàimh, Valtos, Face the West, Hò-Rò and many others took to the stage over the two days, to the delight of almost 8000 revellers.  It was a fantastic weekend and festival-goers are already looking forward to the 2024 festival!
 
The Reeling will also host the final concert of this year’s Royal National Mod in Paisley, in conjunction with Mòd Phàislig, where they will welcome Niteworks to bring Scotland’s biggest celebration of Gaelic language and culture to a close at Paisley Town Hall on Saturday 21st October. Tickets are available at 
www.niteworksband.com



Cuidich Sinn!


Am biodh sibh deònach beagan cuideachaidh a thoirt dhuinn thairis air seachdain a’ Mhòid?  Tha Comataidh Mòd Phàislig a’ lorg daoine a bhios deònach beagan cuideachadh a thoirt seachad thairis air seachdain a’ Mhòid. Bidh measgachadh de dhleasdanasan ann. 

‘S e cothrom math a th’ ann airson a bhith a’ coinneachadh daoine agus a’ toirt taic anns a’ choimhearsnachd. 

Ma tha ùidh agaibh a bhith an sàs anns a’ Mhòd, feuch gun cuir sibh fios thugainn!

Cuiribh fios gu Valerija Tkachenko eventsvolunteers@renfrewshire.gov.uk

 

Volunteer!


The Local Committee are currently looking for volunteers to help during Mod week. We have lots of different roles for volunteers. 

Volunteering is a great way of getting out and about, meeting new and like-minded people and making a valuable contribution to your community. 

If you think you will have a few hours to spare during Mod week, be sure to get in touch!  
 
Contact Valerija Tkachenko eventsvolunteers@renfrewshire.gov.uk

Mod Ionadail Loch Abar


Chaidh Mòd Ionadail Loch Abar a chumail air Dihaoine an 9mh agus Disathairne an 10mh den t-Ògmhios ann am Bun Sgoil Ghàidhlig Loch Abar (BSGLA), An Gearastan.  Bha e na thlachd dhuinn faicinn àireamhan nas fallain airson farpaisean a’ Mhòid, as dèidh tachartas an-uiridh nuair nach robh na h-uidhir a’ gabhail pàirt mar thoireadh air buaidhean Covid.  Ghabh còrr is 300 sgoilear pàirt ann an 76 tachartas thairis air an dà latha.
 
Chaidh farpaisean aon neach agus buidhnean a chumail air an Dihaoine, le clann bho air feadh sgìre Loch Abar a’ gabhail pàirt.  Bha e na thlachd dhuinn fàilte a chur air clann bhon Òban agus àiteachan eile don Mhòd againn.  Taing cuideachd dha na farpaisaich bho sgìre Mhalaig, a thug mu 100 sgoilear bho sgoiltean na sgìre gus pàirt a ghabhail anns a’ Mhòd.  Leis gu bheil na h-àireamhan ann an BSGLA a’ leudachadh, ghabh tòrr bhon sgoil pàirt cuideachd, le da chòisir nam measg. 
 
Bha e misneachail faicinn barrachd luchd-ionnsachaidh gabhail pàirt am bliadhna, ann am farpaisean aon neach agus buidhnean.  Ghabh 9 buidhnean pàirt anns an fharpais airson Òran Gnìomh, le buidhnean luchd-ionnsachaidh a’ dèanamh math dha rìreabh anns an fharpais seo.
 
Bha farpaisean aon-neach trang, mar is àbhaist, agus meal an naidheachd air gach sgoilear a ghabh pàirt.
 
‘B e farpaisean ionnsramaid a chaidh a chumail Disathairne, le farpaisean airson fidheall, bogsa, clàrsach agus pìobaireachd.  A-rithist, bha àireamhan math anns gach farpaisean bho sgoilearan à Loch Abar, an Òban, Inbhir Nis agus cuideachd, Fìobha.
 
Gu mì-fhortannach, cha robh farpaisich againn airson farpaisean nan inbheach, ach, thathas an dòchas, leis gun deach Loch Abar ainmeachadh airson Mòd Nàiseanta Rìoghail 2025, gun toir seo piseach air na h-àireamhan airson Mòd Ionadail na h-ath bhliadhna.
 
Iain Robasdan
Stiùiriche
An Comunn Gàidhealach
 

Lochaber Provincial Mod


Mod Ionadail Loch Abar was held over Friday the 9th and Saturday 10th June 2023 in Bun Sgoil Ghaidhlig Loch Abar (BSGLA), Fort William. It was encouraging to see a significant rise in entry numbers this year after last years emergence from Covid with over 300 children participating across 76 separate events over the 2 days.
 
Friday saw all the solo and group events taking place attracting entries from across Lochaber, it was encouraging to see children from Oban and further afield also taking the time to participate and thanks also to our regular supporters from the Mallaig area who took around 100 kids from the various primary schools. As the numbers continue to increase at BSGLA we also had a significant entry from them, indeed they were able to enter 2 very strong choirs into the competitions.
 
It was encouraging to see an increase in learner entries this year in both solo and group categories, in the action song we had 9 entries with learner groups placing well in this category.
The solo competitions as usual were hotly contested and congratulations go to all who participated.
 
Saturday was the turn of the instrumental competitions with competitions in Fiddle, Accordion, Clarsach and Piping, again good entry numbers were received with competitors from Lochaber, Oban, Inverness and even Fife.
 
On a slightly disappointing note, was the absence of any entries for our adult competitions however with Lochaber being announced as host area for the 2025 Royal National Mod we hope that this will stimulate some entries for next year.
 
Gheibhear dealbhan bho Mòd na bliadhna seo aig | Photos credit:  Alba Photos
https://albaphotos.smugmug.com/Schools/Provincial-Mod/
 
Iain Robertson
Director
An Comunn Gàidhealach


 
 

Mozart: Concerto airson Clàirneid, A major, K. 622

 
Thèid corra rud a chall gu sìorraidh bràth.
Rudan eile, cha tèid. ’S e am pìos
 
mu dhèireadh a chriòchnaich Mozart
Concerto ann an A major
 
airson clàirneid bassinet – ionnsramaid
a rinn a charaid aig’ Anton Sadler.
 
Chall esan an sgòr cha mhòr sa bhad,
agus an ceann deichead chaidh a’ chlàirneid
 
aig’ fhèin às an fhasain ’s à eòlas.
Call air chall. Mozart ann an uaigh
 
gun ainm ann am Bhienna.
Am pìos ciùil aige na mhac-talla
 
air ionnsramaid cheàrr ann an dùthaich chèin.
(Ach beò dammit, beò, air chrith.)


 

Mozart: Clarinet Concerto, A major, K. 622

 
Some things are lost for ever. Some not.
The last piece Mozart wrote
 
was a concerto in A major
for basset clarinet, an instrument
 
invented by his friend Anton Sadler.
Who immediately lost the score
 
and whose instrument went quickly
out of fashion, and then out of lore.
 
Loss on loss. Mozart in a common,
nameless, grave in Vienna.
 
His concerto reconfigured,
echoing on the wrong instrument.
 
(Yes, but still echoing, dammit,
still alive, vibrating.)
 

Pàdraig MacAoidh,
B
àrd a' Chomuinn Ghàidhealaich
 


 

Duais Leabhar na Gàidhealtachd


Abair gun robh sgioba Acair air an dòigh leis gun do bhuannaich Donnchadh MacGillÌosa an duais shònraichte seo! 

Mur a bheil sibh air a leughadh fhathast, gheibhear grèim air an seo:

https://acairbooks.com/product/books/crann-fige/


 

Highland Book
Prize


All at  Acair are delighted that Duncan Gillies won this prestigious award! 

If you haven't had a chance to read it yet, get your copy through the link:

https://acairbooks.com/product/books/crann-fige/



Duaisean a’ Mhòid


Bu chòir duaisean sam bith a chaidh a bhuannachadh aig Mòd 2022 a thilleadh, le ainmeanan air an cuir orra, ro
Dhiluain an 31mh den t-Iuchair.

Ma bhios ceistean sam bith agaibh cuiribh fios thugainn aig info@ancomunn.co.uk no cuiribh fòn air 01463 709 705.

 

Mod Trophies


All trophies should be engraved and returned no later than
Monday 31st July 2023

Should you have any queries, please contact us on 01463 709 705 or email info@ancomunn.co.uk

Measaidhean Ghàidhlig


Ma tha ùidh agaibh measadh a dhèanamh airson Mòd Nàiseanta Rìoghail na bliadhna seo, cuiribh fios gu seonag@ancomunn.co.uk no cuiribh fòn thuice air 01463 709 705.
 

Gaelic Testing


If you would like to book a Gaelic test ahead of this year's Royal National Mod, please contact seonag@ancomunn.co.uk or telephone 01463 709 705.

 



Amendments to Prescribed Pieces | Ceartachadh air Òrain Ainmichte


Thèid atharrachaidhean ri Earrainnean Mòd Nàiseanta Rìoghail 2023 a chlàradh air an larach-lìn againn agus anns a' chuairt-litir anns na mìosan a tha romhainn.

Ma tha ceist sam bith agaibh, cuiribh fios gu info@ancomunn.co.uk no cuiribh fòn thugainn air 01463 709 705.

Any amendments to Mod 2023 prescribed pieces will be posted on our website and in the newsletter in the coming months.

Should you have any queries please contact info@ancomunn.co.uk or telephone us on 01463 709 705.





 

Blasad Gàidhlig 2022-23


Le bliadhna-sgoile eile a’ tighinn gu crìch, bu mhath le Fèisean nan Gàidheal taing a thoirt do gach oide, tidsear agus sgoilear a ghabh pàirt ann am pròiseactan Fèisgoil am-bliadhna.

Tha seisean trang air a bhith againn eadar Blasad Gàidhlig, ICO, Seinn Uibhist is Barraigh, Acadamaidh a’ Mhòid, tursan dràma air leth agus Treòir | Voar | Virr am measg iomadach pròiseact eile, agus tha e air a bhith na thlachd a bhith ag obair còmhla ribh.

A’ dèanamh fiughair ri 2023-24 mar-thà ach, an-dràsta, tha sinn a' guidhe deagh làithean-saora dhuibh uile.


 

Blasad Gàidhlig 2022-23


As the school year comes to an end, Fèisean nan Gàidheal would like to say a huge thank you to every tutor, teacher and pupil who took part in our Fèisgoil projects this year.

We have had a busy year between Blasad Gàidhlig, YMI, Seinn Uibhist & Barraigh, Mòd Academy, drama tours and Treòir | Voar | Virr amongst many other projects, and it’s been a pleasure to work with you all.

We’re looking forward to the 2023-24 session already but, for now, we hope you have a brilliant and well-earned break.


Blasad Gàidhlig Tutors 2022-23

 

Dreuchd Bàn aig Cnag


Tha Comunn na Gàidhlig a' sireadh Oifigear Iomairt ùr! Bidh na h-Oifigearan Iomairt aig CnaG a' tabhann tachartasan spòrsail is tarraingeach dhan òigridh tron a' Ghàidhlig.

Tha sinn a' sireadh Oifigear Iomairt ann an:
Na Lochan & Bun-sgoil Steòrnabhagh (Làn ùine)

Feumaidh iarrtasan a bhith a-staigh ro 5f Dihaoine 28mh den Lùnastal.

Faic a' cheangal aig a' bhonn airson barrachd fiosrachadh, no cuir fios gu marina@cnag.org

https://www.obraichean.co.uk/.../comunn-na-gaidhlig.../

CnaG Job Vacancy


Comunn na Gàidhlig are looking for a new Iomairt Officer! Our Iomairt Officers offer exciting and engaging activities to young people all through the medium of Gaelic.

We are looking for an Iomairt Officer for:
Lochs & Stornoway Primary School (Full-time)

Get your applications in before 5pm Friday 28th August.

Click the link below for more information, or contact marina@cnag.org

https://www.obraichean.co.uk/.../comunn-na-gaidhlig.../

 

An Comunn Gàidhealach:
Ballrachd 

 
A bheil sibh n’ ur ball den Chomunn Gàidhealach?  Tha measgachadh de bhuannachdan ann le bhith n’ur ball den bhuidheann.
 
Tha gnothaichean cultarach agus cànain ar n-eachdraidh nan cuibhreann prìseil de ar n-oighreachd agus ‘s còir an gleidheadh ‘s an leasachadh. Le ballrachd a’ Chomuinn Ghaidhealaich a thoirt a-mach:
  • Lùghdachadh air prìsean thiocaidean airson prìomh thachartasan a’ Mhòid (Tiocaidean don phoball - £15 | Buill a’ Chomuinn - £8)
  • Bithear a’ toirt a’ taic le glèidheadh na Gàidhlig.
  • Bidh tus-chothrom agaibh air ticeadan airson tachartasan a’ Mhòid Nàiseanta Rìoghail.
  • Inntrigeadh dha naidheachdan Gàidhlig.
  • Lùghdachadh prìsean aig Bùth a’ Chomuinn

Ballrachd Bhliadhnail: £15.00
Òigridh / Oileanach: £5.00
 
Ma tha sibh airson ballrachd a thoirt a-mach bruthaibh an seo agus gheibhear air cunntas a chur air dòigh. Ma tha sibh n’ ur ball mu thràth, ‘s urrainnear ùrachadh tron chunntas agaibh. Neo cuiribh fon thugainn air 01463 709 705.


 

An Comunn Gàidhealach: Membership


Are you a member of An Comunn Gàidhealach?   There are many benefits to being a member of the organisation. 

Our cultural and linguistic traditions are a valuable part of our heritage to be preserved and developed. By becoming a member of An Comunn Gàidhealach you will:
  • Receive a significant discount on tickets for Premier Mod events (Non-members - £15 | ACG Members - £8)
  • Contribute towards the preservation of Gaelic.
  • Have priority in obtaining tickets for all events included in the Royal National Mòd.
  • Have direct access to news about Gaelic related issues.
  • Discount on purchases from the An Comunn Gàidhealach Shop.

Annual Membership: £15.00
Junior / Student: £5.00
 
To become a member please click here and create an account.

You can also renew your current membership via your online account. Alternatively you can telephone us on 01463 709 705.
 
 

Just Giving


Ma tha sibh airson taic a thoirt dhan obair againn agus tabhartas a thoirt seachad, faodaidh sibh sin a dhèanamh tron duilleag JustGiving againn.

Should you wish to support the work of An Comunn Gàidhealch, please feel free to make a donation via our JustGiving page here:
https://www.justgiving.com/ancomunn


 

Cinn-latha Mòdan ri Thighinn | Future Mod Dates


Tha na cinn-latha a leanas air an dearbhadh airson Mòdan 2023 agus 2024.
The following dates are now confirmed for the 2023 and 2024 Mòds.

13 - 21 Dàmhair | October 2023 - Paisley
11 – 19 Dàmhair | October 2024 – Oban
 
 


Cleachdi


Tha Bòrd na Gàidhlig air ùrachadh a dhèanamh air làrach-lìn www.cleachdi.scot, làrach-lìn far an tèid tachartasan, buidhnean agus clubaichean a shanasachd còmhla ann an aon àite! Chaidh an iomairt #Cleachdi a chruthachadh gus cleachdadh na Gàidhlig a bhrosnachadh agus cothroman a chruthachadh dha daoine a bhith a’ tighinn còmhla agus Gàidhlig a chleachdadh còmhla agus chaidh an làrach-lìn seo a chruthachadh gus taic a chumail ris an obair seo.
 
Faodar tachartasan sam bith a thèid a lìbhreagadh tro mheadhan na Gàidhlig neo far an tèid prìomhachas a chur air a’ Ghàidhlig a shanasachd air an làrach-lìn saor an-asgaidh – dìreach clàraich na tachartasan tron fhoirm-clàraidh air an làrach-lìn. Nuair a thèid na sanasan beò air an làrach-lìn, faodaidh duine sam bith an lorg an-asgaidh cuideachd agus thèid an sealltainn sa mhìosachan agus mar sanas fa-leth air prìomh duilleag na làraich-lìn.

 


 

Mur deidhinn | About Us  
Chaidh Obraichean Gàidhlig a stèidheachadh ann an 2016 airson sanasan-obrach ri
linn na Gàidhlig a shanasachd air-loidhne. Bhon uair sin, tha còrr is 1,000 dreuchdan Gàidhlig air a bhith ri fhaighinn air feadh na h-Alba.
Obraichean Gàidhlig was founded in 2016 to help advertise Gaelic job vacancies online. Since then, over 1,000 positions have been advertised from across Scotland.


Obraichean | Jobs  
Faic na h-obraichean a tha ri fhaighinn an-dràsta agus dèan tagradh.
See what jobs are currently available and apply.


Clàraich | Register  
Clàraich leinn airson cunntas-bheatha, rabhaidhean no chomharraichean a dhèanamh.
Register on the site to create a CV, alerts or bookmarks.


Dèan Sanas-obrach | Post a Job  
Cuir sanas-obrach air an làrach saor an-asgaidh 's lorg luchd-tagraidh.
Post your job on the site for free and find applicants quickly.


Cuairt-litir | Newsletter  
Clàraich airson ar chuairt-litir 's gheibh thu fios air obraichean ùra.
Sign up to our newsletter to get new jobs to your inbox when they're posted


Obraichean Gàidhlig ri fhaighinn an-dràsta | Gaelic jobs available right now  
Gheibh sibh an seo na h-obraichean Gàidhlig a tha air an sanasachd an-dràsta
air feadh na h-Alba.
Here you’ll be able to find all of the Gaelic jobs listed right now across Scotland.

 


 

 
Clàraich airson Cuairt-litir a’ Chomuinn | Sign-up for the An Comunn Newsletter

Ma tha sibh airson Cuairt-litir a Chomuinn fhaighinn air post-d gach mìos, faodaidh sibh clàradh an seo.
 
If you would like to receive the An Comunn Gàidhealach newsletter via email each month, you can sign up here.
 

 


 
Facebook
Twitter
Link
Website
Copyright © An Comunn Gàidhealach 2023, All rights reserved.

Our mailing address is:
Aonad 7A
7 Sràid Sheumais
Steòrnabhagh
Eilean Leòdhais
HS1 2QN

info@ancomunn.co.uk


Want to change how you receive these emails?
You can update your preferences or unsubscribe from this list.

 






This email was sent to <<Email Address>>
why did I get this?    unsubscribe from this list    update subscription preferences
An Comunn Gaidhealach · Unit 7a · 7 James Street · Stornoway, Isle Of Lewis HS1 2QN · United Kingdom

Email Marketing Powered by Mailchimp