Copy

 
Duais an t-Sàr Ghàidheil
Cheumnaich oileanaich na bliadhna aig Sabhal Mòr Ostaig ann an Slèite bho chionn ghoirid.  Chaidh duais bharraichte an t-Sàr Ghàidheil a bhuileachadh air Ailean Caimbeul agus Cairistiona Primrose airson an obair ionmholta a tha iad air a dhèanamh as leth a’ chànain is a’ chultair thairis air na bliadhnaichean.
 
Bu mhath leinn meal an naidheachd a chur air Ailean, a bha na Cheann-suidhe aig a’ Chomunn airson grunn bhliadhnaichean, agus air Cairistìona, a bhios tric a’ britheamhachd aig a’ Mhòd Nàiseanta Rìoghail, airson an urram a chaidh a bhuileachadh orra, ’s iad a tha airidh air!
 
 
Sàr Ghàidheal Award 
As part of this year’s Graduation ceremony at Sabhal Mòr Ostaig, the prestigious Sàr Ghàidheal award was presented to Allan Campbell and Christine Primrose for their outstanding contributions to the Gaelic language and culture. 
 
We are absolultely delighted for Allan, former President of An Comunn Gàidhealach, and Christine, who regularly adjudicates at the Royal National Mod, for this well-deserved recognition.
 

Ailean Caimbeul, Cairistìona Primrose, an Dotair Gillian Rothach, Stiùiriche an t-Sabhail agus Cathraiche a’ Bhùird aige Aonghas S. MacLeòid.
 

Co-labhairt Na Mòdan Ionadail


Tha An Comunn Gaidhealach fìor thoilichte a ràdh gun tèid co-labhairt air a bheil ‘Na Mòdan Ionadail- An-diugh agus an t-Àm ri teachd’ a chumail air 24 Gearran, 10m-5f,  ann an Inbhir Nis aig Cùirt an Easbaig.
Air an latha, gheibhear cothrom còmhradh a dhèanamh air mar a thathas a’ brosnachadh agus a comharrachadh na Mòdan Ionadail. Tha sinn cuideachd gu mòr airson taic a thoirt do chomataidhean na Mòdan ‘s bithear a’ cnuasachadh air na rudan a tha ag obair gu math dhuibh agus na dùbhlain a dh’ fhaodadh a bhith an luib na h-obrach. Thathas an dùil gum bi an tachartas seo feumail gus leasachadh agus piseach a thoirt air na Mòdan Ionadail sna bliadhnaichean ri tighinn.

Bidh prògram inntinneach ann air an latha, làn fiosrachaidh, agus a’ gabhail a-steach cuspairean leithid “Maoineachadh”, “Mòdan agus an t-Eadar-Lìon” agus “Dòighean Breithneachaidh aig a’ Mhòd Nàiseanta Rìoghail”.

Bidh fàilte ann bho Magaidh Choinneagan , Ceann-Suidhe a’ Chomuinn Ghàidhealaich agus- an rud as cudromaiche, bidh cèilidh ann air an oidhche anns a’ Bhritish Legion an Inbhir Nis leis a’ chòmhlan ainmeil,  “Black Isle Ceilidh Band”!

Ma tha ùidh agaibh ann a bhith an làthair, bidh fàilte air dithis riochdairean bho gach Mòd Ionadail mar sin bruidhnibh ris a’ Chomataidh Ionadail agaibh, ro cheann-latha 18 Dùbhlachd.

Cuiribh post-dealain gu fiona@ancomunn.co.uk airson barrachd fiosrachadh fhaighinn.
 

Local Mods Conference


An Comunn Gaidhealach is delighted to let you know that there will be a one day conference “ The Local Mods- Today and In the Future”, to be held on the 24th February at Eden Court in Inverness.
We will all have an opportunity on the day, to discuss how we are promoting celebrating and using our Mods. We are also committed to supporting Local Mod committees and we hope that you will be willing to engage in debate about what goes well and what does not go so well with your Mods. We will be using the information gathered to develop and improve events over the coming years.

We will have an interesting programme on the day, full of useful information on topics such as ‘Funding, Mods and the Internet, and also How the Results System works at the National Mod”.

ACG President Maggie Cunningham will welcome everyone on the day and most importantly, there will be a cèilidh on the night at the British Legion in Inverness, with the well known “Black Isle Ceilidh Band’!

If you are interested in attending , there will be 2 places made available for each Local Mod so speak with your Committee before the deadline of December 18.

Email fiona@ancomunn.co.uk for further information.

Dealbhan Oifigeil a' Mhoid | Official Mod Photographs

Tha dealbhan oifigeail bho Mod na bliadhna seo a-nis rim faotainn.  Thoiribh sùil air gailearaidh a’ Chomuinn air loidhne an seo: Gallery (ancomunn.co.uk)

The official photos from Mod 2023 are available to view.  Take a look at our online gallery here:  Gallery (ancomunn.co.uk)

 
 

Bàrd a’ Chomuinn 2023

 
Chaidh Nìall O’ Gallagher ainmeachadh mar Bhàrd a’ Chomuinn airson a’ bhliadhna a tha romhainn, aig Mòd Nàiseanta Rìoghail na bliadhna seo ann am Pàislig.  Tha sinn toilichte gum bidh Nìall a’ sgrìobhadh dhuinn anns a’ chuairt-litir anns na mìosan a tha romhainn.  Seo a’ chiad pìos aige – taing mhòr Nìall!
 

An Comunn Gàidhealach Bàrd 2023


Niall O’ Gallagher was announced as the An Comunn Gàidhealach Bàrd at this year’s Royal National Mod in Paisley.  We are delighted that Niall will be contributing to our newsletter during his time as Bàrd.  Here is his first contribution – thank you Niall!


GO MALL
 
            Baile an Fheirtéaraigh
 
On Bhuailtín, gabh an rathad
gad thoirt sìos chun na tràghad
 
far an tig Èirinn gu crìch
am measg chlachan is gainmhich.
 
Ma gheibh thu an t-sìde, chì
thu air gach taobh, deas is clì,
 
cnuic nan dromannan mòr’, cruinn’
a’ sìor thuiteam fo na tuinn
 
is iad nam mucan-mara
a’ cromadh chun na fairge,
 
fuamhairean a chaidh nan cloich
ach a thig beò an ath-oidhch’;
 
chì thu cladach is creagan
fon iarmailt mhòir, fhor-leathainn
 
agus – air an rathad – dreach
throm is òrdha gach litreach
 
ga peantadh gun glacte sùil
an-fhoiseil an luchd-siubhail,
 
faclan buidhe agus òr’.
(Leugh mi fhìn iad as t-fhoghar
 
is mi fad’ air falbh bhon chloinn
a bh’ aig an taigh gam ionndrainn,
 
nas motha na bha mus deach
mi air chuairt don Ghàidhealtachd.)
 
Ràinig mi an cladach bàn
far an do thuit mo sporan
 
anns an uisg’ a ruitheas glan
fon drochaid thar an t-sruthain
 
a theab a sguabadh air falbh
mar chop air an uisge bhalbh.
 
Leum mi ann gum faighinn às
mo thrì cairtean is mo phas
 
is dealbh breac de mo ghràdh mìn
glact’ aig Sràid na Banrighinn
 
nuair nach robh sinne ach òg
iomadh mìos ro mhìos nam pòg
 
a ghlèidh mi chun an-diugh, slàn
a dh’aindeoin uisge ’s salainn.
 
Chan urrainn dhòmhsa an làn
’chumail air ais leam làmhan
 
ged a sgrìobhainn rann gun bhrìgh
na mo dheibhidhe dhìblidh
 
ach ’s ann a thuig mise làn
bhrìgh nam faclan fom chasan:
 
Go Mall – comhairle don chloinn
a’ fàs nas moth’ am aindeoin
 
is dhomh fhèin, mo chasan breac
le gainmhich na filidheachd.
 
Niall O’Gallagher


 

 

Leabhar Ùr – ‘100 Bliadhna de Bhàird a’ Chomuinn Ghàidhealaich’


Chaidh leabhar ùr a chur air bhog leis a’ Chomunn mar phàirt de Latha Litreachais a’ Mhòid am bliadhna, ‘100 Bliadhna de Bhàird a’ Chomuinn Ghàidhealaich’, foillsichte le CLÀR, a’ comharrachadh 100 bliadhna bho chaidh a’ chiad Bhàrd a chrùnadh aig a’ Mhòd.
 
‘S urrainnear a cheannach an seo:  https://www.gaelicbooks.org/explore-the-shop/poetry/100-bliadhna-de-bhaird-a-chomuinn  Siuthad sibh, dhèanadh e tiodhlac Nollaig air leth do chuideigin!
 

 

New Release - ‘100 Years of An Comunn Gàidhealach’s Bardic Crown’


The launch of An Comunn Gàidhealach’s new book, ‘100 Years of An Comunn Gàidhealach’s Bardic Crown’, took place as part of this year’s Latha Litreachais events, published by CLÀR, celebrating this important milestone.
 
You can purchase the book here:  https://www.gaelicbooks.org/explore-the-shop/poetry/100-bliadhna-de-bhaird-a-chomuinn  It would make a fantastic Christmas present for a loved one, go on!
 

Fiona NicAonghais


‘S ann gu math ìosail a tha sinn air a bhith a’ faireachdainn bhon a chuala sinn a’ naidheachd dhuilich gun do chaochail Fiona NicAonghais dìreach beagan a-bharrachd air seachdain as-dèidh Mòd Phàislig. Bha Mòdan gu mòr mar phàirt de bheatha Fiona.

Ghluais Fiona agus a nighean Siobhan suas à Uibhist a Deas gu Leòdhas agus thòisich Siobhan a’ seinn aig Mòd Ionadail Leòdhais. Tha cuimhn’ aig mòran oirre nà nighean bheag a’ buannachadh am farpais aice a’ seinn dè eile ach Eilean Uibhist mo Rùn. Fhuair daoine eòlas bhon uairsin air Fiona agus Siobhan aig Mòdan.

Bha Gàidhlig agus Uibhist a’ ciallachadh an t-uamhas dha Fiona agus bha iad aig cridhe gach rud a bha i a’ dèanamh.

Tro ùine thàinig Fiona an luib Mòd Ionadail Leòdhais tòrr a-bharrachd nuair a thàinig i air a’ chomataidh. Bha i na rùnaire againn airson iomadach bliadhna. Dh’obraich i gu dìleas agus bha i air cùl mòran de na h-atharraichean a chaidh a dhèanamh thairis air an ùine sin. Bha i làidir na beachdan agus rinn i tòrr obair an luib chan e a-mhàin MIL, mar a thug i air, ach Mòd nan Eilean Siar 2001, 2005 agus 2011 cuideachd. ‘S ann aice a bha am beachd Strip the Willow a dhèanamh air sràidean Steòrnabhaigh seachdain a’ Mhòid!

Bha i làn fealla-dhà agus mì-mhodh! ‘S iomadh gàire a rinn sinn nuair a bha i comhla rinn ged a bhiodh sinn aig Mòdan, aig coinneamhan neo aig tachartasan. Tha sgeulachd aig a h-uile duin’ againn mu dhèidhinn Fiona a bh’air gàir’ oirnn. Nach math an dìleab sin.

Cha bhi diochiumhn’ againne air Fiona.

Tha sinn a’ cuimhneachadh air Siobhan agus a teaghlach aig an àm dubhlanach a tha seo.

Comataidh Mòd Ionadail Leòdhais
 

 

Bathar Mòd 2024! | Mòd 2024 Merchandise!


Cha b’ urrainn na b’ fheàrr na lèine Mòid agus dòrlach eàrlasan nad phòca airson a bhith a’ sràidearachd timcheall baile an Òbain! Get the chance to get your hands on this merch by signing up here: https://subscribepage.io/modanobain
 

 

 

Cinn-latha Mòdan ri Thighinn | Future Mod Dates


Tha na cinn-latha a leanas air an dearbhadh airson Mòd 2024.
The following dates are confirmed for Mòd 2024.

11 – 19 Dàmhair | October 2024 – Oban
Clàraich airson Cuairt-litir a’ Chomuinn | Sign-up for the An Comunn Newsletter

Ma tha sibh airson Cuairt-litir a Chomuinn fhaighinn air post-d gach mìos, faodaidh sibh clàradh an seo.
 
If you would like to receive the An Comunn Gàidhealach newsletter via email each month, you can sign up here.
 

 


 
Facebook
Twitter
Link
Website
Copyright © An Comunn Gàidhealach 2023, All rights reserved.

Our mailing address is:
Aonad 7A
7 Sràid Sheumais
Steòrnabhagh
Eilean Leòdhais
HS1 2QN

info@ancomunn.co.uk


Want to change how you receive these emails?
You can update your preferences or unsubscribe from this list.

 






This email was sent to <<Email Address>>
why did I get this?    unsubscribe from this list    update subscription preferences
An Comunn Gaidhealach · Unit 7a · 7 James Street · Stornoway, Isle Of Lewis HS1 2QN · United Kingdom

Email Marketing Powered by Mailchimp